Urras "a' cur bacadh air adhartas"

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Cha do nochd duine san sgìre ùidh ann an iomairt ùir airson ballrachd fhaighinn air an Urras.

Tha daoine a tha a' fuireach air a' Chomraich 's a tha a' feuchainn ris an sgire a leasachadh a' cur às leth an urrais aig a bheil an oighreachd gu bheil iad a' feuchainn ri bacadh a' chur air adhartas.

Tha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich air fàilte a chur air iomairt ùir a tha ag amas air barrachd smachd a thoirt do dhaoine air an fhearann aca.

Tha Landaction Scotland air iarraidh air daoine cur a-steach airson ballrachd air na h-urrasan carthannais a tha a' ruith Oighreachd na Comraich agus Oighreachd Eilein Bhòid.

Ach chan eil duine sa Chomraich air ùidh a nochadadh ann a dh'aindeoin 's gu bheil Companaidh Coimhearsnachd na sgìre air gearain gu bheil an t-Urras a' cur bacadh air leasachaidhean san sgìre.

Maith na Coimhearsnachd

"Bha sinn fada a' beachdachadh air, agus cho-dhùin sinn nach e seo an t-àm," thuirt Alasdair MacLeòid, a tha na stiùiriche air a' Chompanaidh Choimhearsnachd.

"Cha do thog sinn na comasan againn chun na h-ìre sin fhathast, 's chan eil na tha sin de dh'fhèin-mhisneachd againn.

"Tha an iomairt a' toirt gu aire na dùthcha san fharsainneachd, uachdarain a tha 's dòcha a' cleachdadh, 's dòcha fiù 's a' mì-chleachdadh, siostam a' charthannais, fhad 's a chumas iad smachd air an fhearann.

"Tha gach co-dhùnadh mòr anns a' choimhearsnachd seo air a dhèanamh leis an Urras. Chan eil teagamh ann mu dheidhinn sin.

"Agus mar as motha a dhiùltas an t-Urras iarrtasan, 's ann nas doirbhe a bhios e don Urras an suidheachadh mar charthannas coimhearsnachd fhìrinneachadh," thuirt e.

Tha mu 70 hectaire anns an oighreachd, a th' air a bhith fo shealbh an aon teaghlaich, na Wills, o chionn faisg air 100 bliadhna.

Chan eil duine de bhuill bhòrd-stiùiridh an Urrais a' còmhnaidh làn-ùine san sgìre.

Thuirt Mgr MacLeòid ge-tà, nach e idir amas na companaidh coimhearsnachd am fearann fhèin a ghabhail thairis.

"Cha sheas an status quo," thuirt e.

"Nuair a chaidh a' chlann agamsa don sgoil - tha am pàist as sine agam a-nise 26 - bha 20 sgoilear san sgoil.

"Aig deireadh na bliadhna sgoile seo, bidh sianar ann.

"'S iad na h-aon uachdarain a th' air a bhith ann fad nam 20 bliadhna sin, agus 80 bliadhna roimhe.

"Mar sin, 's a chanamuid riutha, ach "obraichibh còmhla rinn, na biodh eagal oirbh romhainn. Chan eil sinn a' feuchainn ri ur gabhail thairis." Tha e cho sìmplidh sin," thuirt e.

Ann am brath-naidheachd, chaidh an t-Urras às àicheadh gu bheil iad a' mì-chleachdadh na h-inbhe carthannais aca.

Thuirt iad gu bheil an cruth sin air a' bhuidhinn a chùm maith na coimhearsnachd seach nan stiùirichean.

Chaidh iad cuideachd às àicheadh gu bheil iad a' cur bacadh air leasachadh.

Tha iad a-nise a' beachdachadh air an 87 iarrtasan a fhuair iad airson ballrachd air an Urras.

Cha b' ann às an sgìre fhèin a bha duine de na chuir a-steach airson ballrachd.