Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rochdale

Tha aithisg mu dhrasdachd chloinne ann an Rochdale, ann an Lancashire, ag ràdh nach do ghabh na h-ughdarrsan iomadh cothrom stad a chuir air. Chaidh buidheann de naoinear dhaoine a chuir dhan phrìosan nas tràithe am bliadhna son drabasdachd an aghaidh nighnean eadar 13 agus 15 de dh'aois. Ghabh Comhairle Rochdale ri co-dhunadh na h-aithisg agus tha iad a' cur atharraichean an sàs mar a dh'iarr an aithisg.

Teine

Thòisich rannsachadh mu theine aig tenement ann an Dùn Èideann a-raoir anns an deach boireananch a mharbhadh. Chaidh fios air na seirbisean èiginn mu dheich uairean mun teine ann an sgìre Dalry. Thuirt polais Lodainn agus na Crìochan gu robh am boireannach mu 50 bliadhna de dh'aois.

GDP

Tha na figearan as ùire ag ràdh nach robh crìonadh eaconomaigeach Bhreatainn cho mòr 's a bha dùil eadar an Giblean agus an t-Ogmhìos. Bha toradh na dùthcha, an GDP, sìos 0.4% agus tha sin nas lugha na 0.7% ris an robh dùil 's a' chiad àite.

Gearraidhean

Feumaidh Comhairle Baile Ghlaschu, an t-ughdarras ionadail 's motha ann an Alba, 50 millean not a shàbhaladh ann an dà bhliadhna. Bidh comharlichean Ghlaschu a' tighinn gu co-dhunadh an ceann beagan sheachdainnean air dè a bhios sin a' ciallachadh do sheirbhisean agus cosnaidhean.

BAE

Chaidh innse do BAE Systems gu feum iad tighinn gu co-dhùnadh ron deicheamh latha den ath mhìos mun aonta a tha iad a' moladh leis a' bhuidheann aerospace Eorpach EADS. The BAE, a tha ag obair air cùmhnantan dìon, a' toirt cosnadh do còig mìle duine ann an Alba eadar Rosaoigh, Baile Ghobhainn agus Scotstoun. Tha na h-aonaidhean ag iarraidh gealltanas bho BAE gum bidh na cosnaidhean sin sàbhailte.

Aiseagan

Chaidh ball SNP nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba as àicheadh gur e cuideam bhon aonadh RMT a thug buaidh air Riaghaltas na h-Alba, a dh'innis gun teid seirbhisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a-mach gu tairgse mar aon chùmhnant agus nach tèid am bristeadh às a cheile. Chan eil dùil gun tèid an cùmhnant a thoirt seachad gu 2016 agus gheibh Caledonian Mac a' Bhriuthainn cùmhnant eadar-amail dhan àm sin. Thuirt am ball pàrlamaid Alasdair Allan nach tug cuideam bhon RMT buaidh air co-dhùnadh an riaghaltais.