Pàrras nam Feòrag

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Forestry Commission Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha feòragan ruadha pailt timcheall Inbhir Nis.

Ma tha sibh measail air feòragan ruadha, dèanaibh air Inbhir Nis, Ros agus an t-Eilean Sgitheanach oir 's iad na sgìrean as fhèarr airson tachairt ris na creutairean beaga.

Tha Coimisean na Coilltearachd air a bhith ag obair ann an co-bhann ri Dualchas Nàdair na h-Alba gus feòragan a chuideachadh agus stad a chur air sgaoileadh nam feòragan liatha.

Tha iad dhen bharail gu bheil an oidhirp aca air a bhith soirbheachail.

Rim faicinn fad an t-suibhail

Anns an sgìre tha sia de na h-àitean as fhèarr airson feòragan fhaicinn agus air sàileabh nach bi na feòragan ri suain-gheamhraidh tha iad rim faicinn fad an t-suibhail.

Thuirt stiùiriche sgìre a' Choimisean Graeme Prest:

''Dh'fhaodar a ràdh gur-e Pàrras a tha anns na coilltean mu chuairt Inbhir Nis airson feòragan.

Aireamhan fallain

''Tha sin air a bhith strì gus an sgìre a chumail saor bho fheòragan liatha agus na feòragan ruadha fhèin a chuideachadh.

"Le sin tha àireamh nam feòrag a' coimhead gu math fallain agus seasmhach.

''Seach a bhith a' tachairt air feòraig gun fhiosta, ma thig duine gu aon de na sgìrean a th' air a comhrachadh far a bheil daoine gu saor-thoileach a' toirt biadh dhaibh, tha deagh chothrom ann iad fhaicinn ris an cuid cleas laghach agus plòidh,'' thuirt e.

'S iad na sgìrean far a bheil na feòragan as bitheanta: Tòrr Aicheallaidh ann an Siorrachd Rois, Creag Phàdraig agus Creag Dùn Eun ann an Inbhir Nis, Coille na Sgoile ann am Fàrr, Foithir agus Lagan ann am Bàideannach.