Ath-sgrùdadh ga iarraidh mu SAC

Coral faisg air Miughlaigh (Dealbh: Heriot-Watt University) Image copyright Other
Image caption Tha SNH ag ràdh gur ann air sgàth nan sgeirean tearca corail a chaidh an sgìre a thaghadh.

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air mar a chaidh sgìre den mhuir faisg air Miughlaigh a thaghadh airson sgìre ghlèidhteachais.

Tha Dòmhnall Manford ag ràdh gu bheil dragh mòr air an t-sluagh, agus mì-earbsa aca ann an Dualchas Nàdair na h-Alba a chruinnich am fiosrachadh a lean chun a' cho-dhùnaidh.

Tha SNH ag ràdh gur ann air sgàth nan sgeirean tearca corail a th' anns an sgìre a chaidh a taghadh.

Tha Mgr Manford ge-tà, ag ràdh gun robh a' bhuidheann a' leantainn a' chlàr-ghnothaich aca fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile