Gille a' bhàsaich air ainmeachadh

Dh'ainmich poilis an duine òg a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid eadar Cille Chuimen agus an Drochaid Gheal oidhche Shathairne.

Bha Matthew Charles Ricketts, a bha 17, à Tòrr an Easa, air taobh a deas Loch Nis, a' siubhail ann an càr a chaidh far an rathaid.

Chaidh dràibhear a' chàir a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir.

Thuirt na poilis gum bi aithisg a' dol gu Neach-Casaid a' Chrùin.