Rabhadh mu luchd mòr air rathaidean na Gàidhealtachd

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an A82 a' dol gu tuath dùinte Didòmhnaich.

Tha na poilis a' toirt rabhaidh do dhràibhearan mu luchd mòr air rathaidean na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

Falbhaidh an luchd, sa bheil 300 tunna, às Inbhir Ghòrdain aig 08:00m Disathairne.

Gabhaidh e an uair sin rathad a' chladaich a dh'Alanais mus tèid e a Thodhar air an A9.

À sin thèid e chun na Manachainne seachad air làrach Fèill an Eilein Duibh.

Fàgaidh e làrach-tàimh air rathad Chanaich faisg air a' Mhanachainn aig meadhan oidhche a' dèanamh air Cille Chuimein.

Dùnaidh an A833 eadar a' Mhanachainn agus Druim na Drochaid airson an luchd.

Thig e sìos an rathad sin chun an A82 ann an Druim na Drochaid.

Bidh an t-slighe gu tuath dhen A82 dùinte, 's bidh maill air trafaig a' dol gu deas cuideachd leis gum bi an luchd gu math mall a' gluasad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh