C. Diff aig Ospadal an Rathaig Mhòir

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, SPL
fo-thiotal an deilbhChaidh an ospadal a chàineadh le luchd-sgrùdaidh o chionn ghoirid ri linn C. Diff.

Chaidh uard a dhùnadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis, agus triùir euslainteach a' fulang le Clostridium Difficile (C. Diff).

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil ceangal deimhinnte ann eadar na cùisean.

Thuirt iad gu bheil glanadh domhainn ga dhèanamh air Uard 4C gus lùghdachadh a thoirt air a' chunnart gun sgap an tinneas.

Rinn luchd-sgrùdaidh ospadail càineadh bho chionn ghoirid air a' Bhord Shlàinte às dèidh do C. Diff nochdadh dà thuras san ospadal am bliadhna.

Dh'iarr iad gun rachadh grunn leasachaidhean a dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh