Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

21 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dale Cregan

Chaidh an duine a tha fo chasaid gur e a mhuirt dithis bhana-phoilis mu choinneimh na Cùirte ann am Manchester na bu tràithe an-diugh. Chaidh innse do Dale Cregan, a tha 29 bliadhna de dh'aois, gu bheil e fo chasaid cuideachd airson dà mhurt eile nas tràithe am bliadhna, agus oidhirp air ceathrar eile a mhurt. Thèid e mu choinneimh Cùirt a' Chrùin ann am Manchester a-rithist Diluain. Chaidh na h-oifigearan poilis, Nicola Hughes agus Fiona Bone, a mharbhadh ann an ionnsaigh le gunna agus greinèid, ann an sgìre Hatterslea ann am Manchester Dimàirt.

Doire

Chaidh dà bhoma fhaighinn ann am meadhan Doire ann an Èirinn a Tuath. Tha e coltach gur i buidheann Phoblachdach a th' air ionnsaighean boma eile a thoirt air togalaichean ann an Doire, a dh'fhàg an dà bhoma an turas seo cuideachd.

Am Buidseat

Chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, dìon air a' bhuidseat a dh'fhoillsich e do Phàrlamaid na h-Alba an-dè. Tha na Làbaraich ga chàineadh 's iad ag ràdh gu bheil dìth misneachd agus dìth spionnaidh ann. Agus tha na Tòraidhean ag ràdh nach eil gu leòr ann airson fàs eaconamach a bhrosnachadh. Gheall Mgr Swinney £180m a chosg air obair-togail, leasachadh sgilean agus air an eaconamaidh uaine. Bidh àrdachadh pàighidh cuideachd ann de 1% do luchd-obrach anns an roinn phoblaich.

Ionnsaigh Dhrabasta

Tha Poilis Shrath Chluaidh a' rannsachadh ionnsaigh dhrabasta air gille bheag, ceithir bliadhna de dh'aois, aig bùth ann am Bruach Chluaidh, Dimàirt. Thuirt na Poilis gun do thachair an ionnsaigh mu 2:00f aig bùth Asda, air Britania Way ann am Bruach Chluaidh.

Fear a Dhìth

Tha poilis ann an Steòrnabhagh ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith as aithne dad mu fhear às an Ungair a chaidh air chall ann an Leòdhas. Chaidh fios a chur air na Poilis a' bhòn-dè mu Tamas Gadar, a tha 27 bliadhna de dh'aois, agus nach do thill dhan àite san robh e a' fuireach. Tha e air tighinn am follais a-niste nach eil a theaghlach air cluinntinn bhuaithe nas motha.

Scottish Fuels

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' coinneachadh an-diugh ris a' chompanaidh Scottish Fuels, a tha a' toirt a' chonnaidh do dh'Uibhist. Tha an diesel gu h-àraid gann, agus Scottish Fuels ag ràdh gur e obair air tancaichean stòraidh, agus trioblaidean còmhdhail eile as coireach. Thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, gun do gheall Scottish Fuels gum bi cùisean air ais chun an àbhaist ro Dhiardaoin seo tighinn.