Seirbheis Fèisgoil ga foillseachadh

Seòmar-sgoile Image copyright bbc
Image caption Bidh seiseanan Gàidhlig ann am bun-sgoiltean Beurla mar phàirt den t-seirbheis ùir.

Cuiridh Fèisean nan Gàidheal seirbheis ùr air dòigh air a bheil Fèisgoil 's iad an dùil gum bi i na cuideachadh mòr a thaobh tuilleadh Gàidhlig a theagasg anns na sgoiltean.

Thèid a foillseachadh gu h-oifigeil aig coinneamh bhliadhnail na buidhne sa Ghearasdan Dihaoine 's Disathairne.

"Tha tòrr sgoiltean an-dràsta far a bheil miann aca a bhith a' teagasg Gàidhlig tro sgeama GLPS (Gaelic for Learners in Primary School)," thuirt Àrd-Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig.

"Ach chan eil tidsearan aca airson trèanadh a dhèanamh.

"'S e an dòigh sa bheil e ag obair an-dràsta, gu bheil aig tidsearan bun-sgoile ri thighinn a-mach às a' chlas, tha iad air an trèanadh airson a bhith a' lìbhrigeadh a' chùrsa, agus an uair sin tha iad a' dol air ais airson sin a dhèanamh.

"Ach chan eil tidsearan gu leòr a' tighinn air adhart airson sin a dhèanamh.

"Tha sinne den bheachd gun gabhadh a leudachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte le bhith a' cleachdadh na seirbheis a tha sinne a' tabhainn," thuirt e.

Am measg nam pròiseactan a bhios an t-seirbheis ùr a' tabhainn, tha seiseanan Gàidhlig ann am bun-sgoiltean far nach eil an cànan air a teagasg; cuairtean mu làraichean eachdraidheil; clasaichean ciùil is seinn, agus cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig aig Fèisean is tachartasan coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile