Tuath-gaoithe na Luirge

Crainn-ghaoithe
Image caption Chan eil ach trì crainn an lùib a' phròiseict

Chaidh tuath-gaoithe ùr na Luirge fhosgladh gu h-oifigeil Diardaoin.

Chosg an tuath-gaoithe, anns nach eil ach trì cruinn, £12m.

Tha gach crann faisg air 100m a dh'àirde agus thathas an dùil gum bi an tuath-gaoithe comasach air cumhachd a chumail ri 4,000 dachaigh.

Buannachd don choimhearsnachd

'S ann air talamh-ionaltraidh a bhuineas do dh'Oighreachd na Luirge a chaidh na crainn a thogail.

Thèid an dàrna leth den mhàl chun an uachdarain agus gheibh na croitearan an leth eile.

A thuilleadh air sin gheibh stòras coimhearsnachd suas ri £22,500 gach bliadhna.

Chaidh an sgeama fhosgladh gu h-oifigeil leis a' QC Crispin Agnew, fear de na prìomh eòlaichean air lagh croitearachd na h-Alba.

'S e a' chiad sgeama anns an deach a' chompanaidh ABO Wind an sàs ann an Alba.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air grunn phròiseactan eile ann an Alba agus gu bheil planaichean aca oifis fhosgladh ann an Inbhir Nis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile