Sgeama-spadaidh nan gèadh

Geadh
Image caption Tha geòidh air a dhol nam plàigh ann am mòran de na h-Eileanan.

Dh'iarr Comhairliche Uibhisteach gun deadh cabhaig a chur air sgeama fo an tèid cuid de gheòidh an eilein a spadadh.

Thòisich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) sgeama ann an Arcaibh an t-seachdain seo a tha ag amas air lùghdachadh 5,500 a thoirt air àireamh nan gèadh.

Dhearbh a' bhuidheann cuideachd gun tèid sgeamaichean-dearbhaidh eile a dhèanamh ann an Colla 's Tiriodh, ann an Ìle agus ann an Uibhist.

Àireamhan

Chuala coinneamh phoblach ann an Uibhist as t-Samhradh gu bheilear a' tomhais gu bheil co-dhiù 8,000 gèadh glas a' tighinn beò san sgìre.

Fon sgeama, thathar an dùil 1,000 a bharrachd de na h-eòin a mharbhadh gach bliadhna.

Tha an Comh. Ùisdean Robasdan ag ràdh gu bheil gluasad a dhìth san aithghearrachd airson dèiligeadh riutha.

"Tha aon rud cinnteach, tha na h-àireamhan a' dol suas bliadhna às dèidh bliadhna - ged a thathar a' marbhadh deagh chuid a h-uile bliadhna," thuirt e.

Tha Mgr Robasdan an dùil gun tòisich an sgeama anns an Damhair.

A thuilleadh air a bhith ag ithe an fheòir agus an arbhair ann an Uibhist, tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh a tha na geòidh a' toirt air eòin eile a tha dùthchasach dhan na h-Eileanan.

Sgrìobh BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, a dh'iarradh air conaltradh a chumail ri coimhearsnachdan anns na h-Eileanan far a bheil geòidh nan trioblaid feuch fuasgladh fhaighinn a fhreagras an dà chuid air croitearan agus air luchd na h-àrainneachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile