A' Bhana-phrionnsa Rìoghail aig tuath

Walker
Image caption Walker - fear dhen dà mhathan bàn aig a' phàirce

Thadhail a' Bhana-phrionnsa Rìoghail air Pàirce Fiadh Bheatha na Gàidhealtachd Dimàirt, 's 40 bliadhna ann bho chaidh a' phàirce a stèidheachadh.

Dh'fhoillsich i leac ùr a' comharrachadh a' chinn-bhliadhna, a thuilleadh air a bhith a' cuideachadh le bhith a' biadhadh Walker agus Arktos - an dà mhathan bàn.

Thachair i cuideachd ris na madaidhean-allaidh beaga a rugadh anns a' phàirce anns a' Chèitean am bliadhna.

Tha a' Bhana-phrionnsa Anna na tosgaire dha Comann Rìoghail Su-eòlais na h-Alba, a tha a' ruith na pàirce.

Glèidhteachas

Thuirt Àrd-oifigear a' Chomainn, Chris West, gur e deagh chothrom a bh' ann dhith eòlas a chur air beathaichean a th' ann an cunnart a dhol à bith.

Chuala i cuideachd mun obair ghlèidhteachais agus rannsachaidh anns a bheil an Comann an sàs.

'S e Pàirce Fiadh Bheatha na Gàidhealtachd, a tha sùidhichte aig Ceann na Creige faisg air Ceann a' Ghiuthsaich, an aon àite ann an Alba far am faicear mathain bhàna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile