Dòchas mu raon-laighe an Eilein Sgitheanaich

Raon-laighe Aiseig. Image copyright John Allan/Geograph
Image caption B' ann leis na feachdan armaichte a thogadh an raon-laighe faisg air an Ath Leathann.

Dh' fhaodadh gun tig seirbheis adhair ùr choimearsalta san Eilean Sgitheanach ceum nas fhàisge an t-seachdain seo.

Thèid iarraidh air comhairlichean £5,000 a chur ri rannsachadh ùr feuch an gabhadh am port-adhair fosgladh a-rithist do sheirbheisean eadar an t-eilean agus meadhan na h-Alba.

Chaidh an raon-laighe a thogail sna 70an ach chan eil e air a bhith ga chleachdadh gu cunbhalach o chionn 25 bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile