Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

14 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Halls

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gur e briseadh-dùil a th'ann nach do'obraich plana Riaghaltas na h-Alba airson factoraidh giollachd na feòla aig Halls ann am Broxburn. Bha an riaghaltas deònach an fhactoraidh a cheannach air £2m agus a' toirt air ais air màl dhan chompanaidh às an Òlaind, Vion. Dhiùlt Vion am plana sin agus tha dragh ann fhathast mu 1700 cosnadh air taobh siar Lodainn. Thuirt Mgr Swinney gu bheil ùidh aig buidhnean eile anns an ionad agus gu lean iad orra a' feuchainn ri shàbhaladh.

Dealbhan

Thuirt oifigich an Teaghlaich Rioghail gu bheil caothach air Diùc agus Bana-Dhiùc Chambridge gun deach dealbhan den Bhana Dhiùc agus i leth-ruisgte fhoilseachadh ann an iris Fhrangach. Tha e coltach gun deach na dealbhan a tharraing gun fhiosda dhaibh nuair a bha iad saor-laithean ann am Provence sa Fhraing an t-seachdain seo chaidh.

Libia

Thuirt ùghdarrasan ann an Libia gu bheil na h-uimhir de dhaoine an grèim aca an dèidh na h-ionnsaigh air Consolachd nan Stàitean Aonaichte ann am Benghazi, Dimàirt, anns an deach an tosgaire Ameireaganach a mharbhadh. Tha fearg anns na dùthchanan Arabach mu fhiolm Americanach, a tha iad ag ràdh, a tha a' dèanamh dìmeas air Islam. Bha tuilleadh àimhreit aig Ambasaid Ameireaga ann an Cairo anns an Èipheit an-raoir.

Afghanistan

Thuirt oifigich ann an Afghanistan gun deach mu 50 duine a mharbhadh ann an tubaist rathaid. Bhual bus ann an tancair connaidh ann an sgìre Ghazni air prìomh rathad eadar Kabul agus Kandahar.

Bann-leathann

Dh'innis riochdaire Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean do choinneimh Comhairle Choimhearsnachd Uibhist a Tuath an-raoir gum bi dà bhliadhna eile co-dhiubh mus tig leasachadh air seirbheis a' bhainn-leathainn dha na h-Eileanan an Iar. Tha e coltach nach gabh trioblaidean leis an t-seirbheis a chur ceart gus an tèid càbal ùr a chur tarsaing a' Chuain Sgìth.

Droch aimsir

Tha droch aimsir a' toirt buaidh air mòran de sheirbhisean aiseig a' chost an iar agus nam measg na seòlaidhean eadar Steòrnabagh agus Ulapul. Cha do sheòl i à Steòrnabhagh gu 09:30 sa mhadainn an-diugh agus bheir sin buaidh air a' chòrr de sheòlaidhean an là. Cha bhi seòladh ann an Steòrnabhagh aig 19:45 a-nochd neo às Ulapul aig 23:00 a-nochd.

Tha an t-aiseig eadar Malaig agus Armadal na tàmh an-drasda, bheir iad sùil air an t-suidheachadh sin a-rithist aig 11:45.