Rabhadh mun bhann-leathann

Bann-leathann
Image caption Chuala coinneamh gun tig piseach air bann-leathann nan Eilean Siar nuair a thèid càbal ùr fibre-optic a chur an sàs.

Cha tig piseach air suidheachadh a' bhainn-leathainn 's na h-Eileanan an Iar airson co-dhiù dà bhliadhna eile.

'S e sin an rabhadh a fhuair muinntir Uibhist a Tuath bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig coinneimh de chomhairle coimhearsnachd an eilein oidhche Dhiardaoin.

Thog grunn dhaoine dragh mu sheirbheis a' bhainn-leathainn - cho cosgail agus cho slaodach 's a tha i, cho tric ' s a bha trioblaidean teicnigeach ann - is gu dearbh mar a tha sgìrean anns na h-Eileanan an Iar a tha fhathast as aonais na seirbheis.

Chaidh innse dhaibh gu bheil obair is còmhraidhean a' dol air adhart ann an oidhirp an t-seirbheis a leasachadh, is gur e an ceangal eadar na h-Èileanan is Tìr-Mòr gu ìre mhòr a bu choireach son uireasbhaidhean san t-seirbheis.

Càbal

Thuirt an riochdaire bho HIE aig a' choinneimh gu bheil dùil gun tèid càbal ùr fibre-optic a chur tarsainn a' Chuain Sgìth an ceann dà bhliadhna.

Fàgaidh sin gum bi e comasach bann-leathann nas luaithe fhaighinn na an t-seirbheis a th'ann an-dràsta.

Chuala a' choinneamh ge-tà nach tèid seirbheis a' sgaoileadh dha na sgìrean anns na h-Eileanan an Iar a tha an-dràsta as aonais a' bhainn-leathainn.

Chaidh innse gur e am fuasgladh a b' fheàrr càbal a ruith eadar na bailtean gu leìr - ach gum biodh cosgais fìor mhòr an lùib sin.