Clachan-shnaidhte a' brosnachadh ealain

Tursachan Chalanais Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tursaichean Chalanais

Tha clann-sgoile bho Steòrnabhagh agus an t-Ob air ealain a chruthachadh a tha steidhichte air na clachan eachdraidheal aig Tùr Chliamainn anns na Hearadh agus aig Calanais ann a Leòdhas.

Chaidh iarraidh air a' chloinn meorachadh air cò ris a bha na làraich coltach nuair a chaidh na clachan a chuir suas an toiseachd.

Tha Alba Aosmhor air turas gu na làraich a chuir air dòigh gus eòlas cultarail a bhrosnachadh.

''Troimh'n a phroiseact fhuair a' chlann eòlas air clachan-shnaidhte ann a Calanais agus Tùr Chliamainn.

Ceol

''Thuirt sinn riutha cnuasachadh air buaidh na h-aimisir air na clachan agus a bhi mothachail air na fuaimean a bha ri chluinntinn mu chuairt,

''Thuirt sinn riutha smaoineachadh mu na daoine a bha tighinn beò nuair thogadh na clachan seo bho thùs.''

''Bheachdaich sinn air a seòrsa ciùil a bhiodh iad a cluiche agus na h-innealan-ciùil a bha aca.

"Thoisich sinn a' cruthachadh ceol steidhichte air na nithean sin.''

Speuradaireachd

Chleachd clann bho Bhun-sgoil an t-Oib na clachan-shnaidhte bho Tùr Chliamainn san doigh sin gus sgeul nan clachan a chuir an cèil ann a doigh leirsinneach.

Chaidh clachan Chalanais a' chuir an sàs timicheal air 3000 R.C. 's tha cuid dhen bharail gun robhas gan cleadadh airson speuradaireachd.

Bha an làrach air a' chleachdadh airson timicheal air1000 bliadhna.

Chaidh Tùr Chliamainn a thogail sa cheud leth dhen 16mh linn le Alasdair Crotach Macleòid.

Thèid an obair-ealain a thaisbeanadh aig Ionad Chalanais airson mios a toiseachadh air 17mh latha dhen t-Sultain.