Cupa na Camanachd

  • Air fhoillseachadh
Cupa na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,
An duais as cliùitaich ann an iomain - Cupa na Camanachd. 'B ann an 1896 a bha a' chiad chuairt dheireannach. Dealbh le Ewen Weatherspoon.
Ceann a' Ghiuthsaich
Fo-thiotal an deilbh,
A' chiad sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd - Ceann a' Ghiuthsaich as dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Comhghall Ghlaschu 2-0 ann an 1896. Taing do stòras Uisdean MhicIllinneinn is Jack Richmond son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
A' chiad sgioba bho Inbhir Aora a bhuannaich an cupa, 2-0 an aghaidh Lòbhait ann an 1925. Bhon uairsin tha Inbhir Aora air soirbheachadh ann an 1926, 1930 is 2004. Taing do stòras Uisdean MhicIllinneinn is Jack Richmond son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
'S e Caol Bhòid an sgioba as soirbheachail san fharpais bhon cheann a deas, is iad air Cupa na Camanachd a bhuannachadh a-nise 21 turas. Seo iad ann an 1935, a' bhliadhna a rinn iad a' chùis air Cabair Fèidh 6-4 sa chuairt dheireannaich. Taing do Chaol Bhòid is Uisdean MacIllinneinn son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Bha eachdraidh ga dhèanamh am bliadhna is dà sgioba bhon cheann a deas a' cluich sa chuairt dheireannaich son dìreach an darna turas a-riamh. Seo Caol Bhòid ann an 1983, a' bhliadhna eile a thachair e, as dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Srath Chura 3-2. Rinn am fear-glèidh aca, Coinneach Dòmhnallach, eachdraidh oir chluich e san dà gheama, ged a tha a ghruag air atharrachadh rud beag bhon 1983! Taing do stòras Dhòmhnaill MhicAoidh is Uisdean MhicIllinneinn son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Bonn Albert Smith son sàr chluicheadar an là. Chaidh a thoirt seachad an toiseach ann an 1972. Am bliadhna chaidh an t-urram gu Ruairidh Dòmhnallach aig Caol Bhòid, a chuir 4 tadhail sa chuairt dheireannaich. Taing do Suzy Chaimbeul, Ailean Mac an Tòisich is stòras Uisdean MhicIllinneinn son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Anndra King le Cupa na Camanachd - is Caol Bhòid air soirbheachadh 6-5.