Stèisean radar ga ghluasad?

Crann-gaoithe
Image caption Dh'fhaodadh gun gluaisear an stèisean gu mullach Mùirneig.

Dh'fhaodadh gum biodh a' chompanaidh Lewis Wind Power deònach pàigheadh airson stèisean radar a ghluasad, gus nach bi tuath-gaoithe a tha san amharc aca a' toirt buaidh air.

Tha an stèisean radar an-dràsta aig Pabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas, 's e an sàs ann an stiùireadh itealan.

Am measg nan àiteachan air a bheil iad a' coimhead airson a stèidheachadh às ùr, tha mullach Mùirneag, air a' mhòintich am meadhan cheann a tuath Leòdhais.

Bhiodh na tuathan-gaoithe a thathas a' cur an-àirde air cùl Steòrnabhaigh a' toirt buaidh air an stèisean.

Ma thachras e, tha beachd ann gum fosgladh e pàirtean den Rubha do leasachaidhean tuath-gaoithe.

"Gus am bi fios a bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn cead no nach eil, chan urrainn dhuinn càil a ràdh am bi seo a' gluasad no nach bi," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.

"Ach aig an ìre seo 's dòcha gur e aon de na rudan mu dheireadh a tha a' cur dragh air daoine a thaobh an tuath-gaoithe a bhith a' dol air adhart," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile