Càineadh mu sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Gearasdan Dubh Inbhir Lòchaidh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha pàrantan ag iarraidh làraich air a' Bhlàr Mhòr.

Tha dithis bhall-pàrlamaid Albannach far na Gàidhealtachd a' càineadh na Comhairle airson mar a tha iad a' làimhseachadh ceist sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain.

Tha Dàibhidh MacThòmais bhon SNP, agus Dàibhidh Stiùbhart aig na Làbaraich a' riochdachadh dhà de na pàrtaidhean a tha a' ruith co-bhanntachd na Comhairle.

Tha iad le chèile ag iarraidh air comhairlichean gabhail air an socair eagal 's gun cuir iad an sgoil dhan àite cheàrr.

Tha Mgr MacThòmais ag ràdh nach gabhadh an sgoil ùr leudachadh anns an àm ri teachd air an làraich a tha ceannardan na Comhairle a' miannachadh ann an Caol a' Ghearasdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile