Tuilleadh dhaoine a dhìth ann an Earra-Ghàidheal

Earra-Ghàidheal Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhaodadh gun tàlar in-imrich a dhol a dh'fhuireach a dh'Earra-Ghàidheal.

Feumaidh Earra-Ghàidheal is Bòd tuilleadh dhaoine a thàladh a dh'fhuireach san sgìre ma thathas a' dol a chur stad air crìonadh san àireimh shluaigh.

Sin na chuala comhairlichean air comataidh sgìreil Chinn Tìre, Meadhan Earra-Ghàidheal agus nan Eilean bho oifigich aig Clàran Nàiseanta na h-Alba Diciadain.

Thuirt na h-oifigich gu bheil crìonadh nas luaithe na bha dùil a' tighinn air an àireimh shluaigh ann an Earra-Ghàidheal.

"Feumaidh sinn daoine fhaighinn a-steach a dh'obair anns an sgìre," thuirt an Comh. Robin Currie.

Cumhachd Ath-nuadhachail

"Ma 's e dìreach seann daoine a th' ann air fad, tha sin a' cur uallaich mhòir air seirbheisean aig a' Chomhairle.

"Bha sinn daonan a' faicinn daoine òga a' fàgail nan Eileanan, 's sgìrean mar seo.

"Ach bha iad sin daonan a' tighinn air ais nuair a bha iad rèidh.

"Ach feumaidh sinn a-nise tha mi a' smaointeachadh, daoine òga a thoirt a-steach don sgìre agus obair a thoirt dhaibh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil teansa math ann, leis a' chumhachd ath-nuadhachail a tha a' tighinn a dh'Earra-Ghàidheal a-nis," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile