Amar-snàimh Phort Rìgh ga leagail

Stiùbhart Mac a' Phearsain
Image caption Tha Mgr Mac a' Phearsainn, a bha ag iomairt airson an goireas a ghlèidheadh, a-nis air an teanta aige a thoirt air falbh.

Thug Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh slaic air Comhairle na Gàidhealtachd, is iad air co-dhùnadh seann amar-snàimh Phort Rìgh a leagail.

Bha a' Chomhairle Coimhearsnachd air iarraidh dàil sa chùis, le beachd gur dòcha gun gabhadh a ghlèidheadh airson a chleachdadh le buidhinn ionadail.

"Tha mi fhìn agus a' choimhearsnachd a' smaoineachadh gur e rud ceàrr a tha seo," thuirt Niall Caimbeul, a tha na bhall den Chomhairle Choimhearsnachd.

"Oir cha tàinig a' Chomhairle no na Comhairlichean air ais dhan choimhearsnachd a dh'fhaighneachd dè bha a' choimhearsnachd ag iarraidh a dhèanamh leis an àite seo.

"Cha do dh'fhaighnich iad dhuinn an robh sinn ag iarraidh an togalach a chumail.

"Cha do dh'fhaighnich iad dè bha sinn ag iarraidh a dhèanamh leis an fhearann fhèin.

"Agus an rud a tha a' cur dragh oirnn nas motha na rud sam bith, nach robh co-chomhairleachadh sam bith aca," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e an togalach a leagail an roghainn as fheàrr son na làraich, agus gun dèan iad co-chomhairleachadh a thaobh leasachaidhean sam bith air an fhearann.

Thuirt iad cuideachd gun do rinneadh co-chomhairleachadh air goireasan spòrs na sgìre mus deach Àrd-Sgoil ùr Phort Rìgh a thogail.

Tha am fear a bh' air campa a stèidheachadh air làrach an amar-snàimh airson còrr agus dà mhìos air an teanta a thoirt air falbh agus e ag ràdh nach eil e a' leantainn air leis an iomairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile