Iomairt Inbhir Aora a sgeadachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhUndiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhTha dùil gun cosgadh e £3m uile gu lèir airson am baile a sgeadachadh.

Tha muinntir Inbhir Aora ann an Earra-Ghàidheal a' dol a dh'iarraidh £1m bho Alba Aosmhor gus ath-leasachadh a dhèanamh air coltas agus air togalaichean a' bhaile.

Thòisich iomairt às dèidh coinneimh sa Ghiblean le dùil gum biodh mu £3m a dhìth gus càradh agus ath-leasachadh a dhèanamh air coltas a' bhaile.

Tha na togalaichean ann uile clàraichte, agus am baile air a chruthachadh anns an 18mh Linn leis an treas Diùc Earra-Ghàidheal.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh