Gleann Dotha ag obair a-rithist

Sgeama Ghlinn Dotha Image copyright Other
Image caption Dh'fhosgail an t-ionad ann an 2009, ach b'fheudar a dhùnadh goirid às dèidh sin.

Tha a' chompanaidh chumhachd Scottish and Southern Energy (SSE) ag ràdh gu bheil sgeama hydro Ghlinn Dotha, faisg air Loch Nis, ag obair a-rithist.

B'fheudar an t-ionad a dhùnadh o chionn trì bliadhna, às dèidh mar a thàinig creag a-nuas ann an tunail.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil an t-ionad mar thà a' cruthachadh timcheall air trì uairean gigawatt (GWh) de dhealan airson a' ghriod.

Chaidh an t-ionad, a chosg £140m, fhosgladh gu h-oifigeil leis a' Bhàn-righ anns an Ògmhios 2009.

Bu chòir gun cruthaich an t-ionad mu 180GWh de dhealan ann am bliadhna le tomhas-uisge mheadhanach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile