A82 dùinte dàrna leth na bliadhna an-uiridh, a rèir luch-strì

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbh'S e an A82 am prìomh ràthad eadar Loch Abar, ceann a tuath Earra-Ghàidheal agus Glaschu.

Thuirt luchd-iomairt gun robh an A82, a tha a' ruith eadar Glaschu agus a' Ghàidhealtachd, dùinte gach dàrnacha là den bhliadhna an-uiridh.

A rèir Chaidreachas an A82, 's ann bho Riaghaltas na h-Alba a thàinig na figearan.

Tha iad a' sealtainn gun robh an rathad dùinte còrr is 180 là ann an 2011.

Thuirt a' bhuidheann iomairt gun tig taobh siar na Gàidhealtachd gu stad, mur a cuir an Riaghaltas barrachd suim dhan t-suidheachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh