Dàibhearan poilis a' cuideachadh ann an iomairt Gheàrrloch

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Eoghainn Peutan, Eoghainn òg, agus Jamie

Thèid dàibhearan bho Phoilis Roinn a' Mhonaidh an sàs anns an rannsachadh airson fhir a chailleadh anns an tubaist chanù sa mhuir faisg air Geàrrloch air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil gun deach Eoghainn Peutan, aois 32, agus a bhuinneadh don Mhanchainn, a bhàthadh nuair a chur a' churach car agus sianar air bòrd.

Chaidh a dhithis mhac, Eoghainn òg agus Jamie a bhàthadh, cuide ri nighean còig bliadhna de dh'aois, Gracie NicAoidh.

Fhuair dithis eile, athair agus piuthair Gracie, às an tubaist beò.

Shnàimh iadsan chun a' chladaich, agus chuir iad fios air na Maoir-Chladaich.

Bha sianar sa bhàta nuair a chuir i car dhith anns a' Chaolas Bheag, eadar Sannda Mhòr agus Eilean Longa feasgar na Sàbaid.

Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh, 's chaidh lorg fhaighinn air an dithis bhalach.

Bhàsaich Gracie NicAoidh ann an Ospadal Yorkhill ann an Glaschu feasgar Diluain.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus bàtaichean teasairginn bho Phort Rìgh, Geàrrloch agus Loch Iù an sàs anns an iomairt.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh