Rugadh grunn bheathaichean aig a' Phàirce Fhiadh Bheatha

  • Air fhoillseachadh
Goral Sìonach
Fo-thiotal an deilbh,
Se an Goral Sìonach seo am beathach as òige aig a' Phàirce...rugadh e air an 4mh dhen Lùnastal.
Turkmenian Markhor
Fo-thiotal an deilbh,
'S e seòrsa gobhair tearc a th' anns an Turkmenian Markhor. Rugadh Nettle an seo air an 20mh den Ògmhios.
Fo-thiotal an deilbh,
Macaque Iapanach a rugadh as t-Samhradh. Tha ceithir de na muncaidhean beaga air a bhith air am breith bhon Earrach.
Fo-thiotal an deilbh,
Tha grunn laogh Bison Eòrpach air a bhith air am breith anns a' Phàirce am bliadhna.
Fo-thiotal an deilbh,
Gu h-eachdraidheil bha Lugh rim faicinn an Alba. Rugadh dà phiseig sa Phàirce anns a' Chèitean.
Fo-thiotal an deilbh,
'S fhada bho bha madaidhean-allaidh ma sgaoil an Alba mu dheireadh. Rugadh còig cuilein sa Chèitean.
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cait fhiadhaich fhathast a' tighinn beò an siud 's an seo air a' Ghàidhealtachd. Ach tha iad garbh tearc, le tomhas nach eil ach mu 400 air fhàgail ann am Breatainn. Rugadh na h-uidhir de phiseagan aig Pàirce Fiadh Bheatha na Gàidhealtachd am bliadhna.
Fo-thiotal an deilbh,
A thuilleadh air a bhith a' comharrachadh 40 bliadhna den Phàirce, tha Manadsair Chruinneachaidh nam Beathaichean, Dùbhghlas Richardson, gur e seo a' bhliadhna as tràinge fhathast a thaobh na chaidh de bheathaichean a bhreith. Rugadh 48 beathach bho 14 diofar ghnè air feadh na bliadhna thuige seo.