Dragh mu phlana-stiùiridh SAC

Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha a' bhuidheann a' strì an aghaidh sgìre ghlèidhte mhara.

Tha a' bhuidheann SHAMED, a tha a' strì an aghaidh sgìrean-glèidhte aig muir far Bharraigh, ag iarraidh air muinntir na coimhearsnachd diùltadh a dhol an sàs ann am plana-stiùiridh a stèidheachadh airson na h-inbhe.

A' bruidhinn sa Phàrlamaid Albannaich sa Ghearran am bliadhna, thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson:

"Ma - agus tha mi a' cur cuideim air an fhacal sin - "ma" chomharraicheas mi Caolas Bharraigh, 's e m'amas sin a dhèanamh nuair a tha trì cùmhnantan air an coileanadh.

"An-toiseach, bheir mi cuireadh do bhuidhnean ionadail pàirt a ghabhail ann a bhith a' leasachadh plana-stiùiridh a bhios ag amas air na h-ùidhean a th' aca a dhìon.

"Tha mi ag iarraidh air na h-oifigich agam molaidhean a thoirt air adhart mu choinneimh stiùiridh na sgìre ghlèidhte," thuirt e.

Tha dragh air a' bhuidhinn, ma ghabhas daoine pàirt ann, gum faodadh e a bhith air fhaicinn gu bheil taic ga cur ris an sgìre ghlèidhte aig ìre ionadail, leis gum biodh an cùmhnant sin air a choileanadh.

Ann am brath-naidheachd air a' chùis, thog SHAMED ceist cuideachd mu sheasamh Stòras Uibhist - uachdaran coimhearsnachd Uibhist a' Deas - air a' chùis, air an do dh'iarr iad soillearachadh.

Tha Stòras Uibhist air a ràdh gu bheil iad gu tur an aghaidh sgìrean-glèidhte mara a bhith stèidhichte ann an Caolas Bharraigh.

Thuirt Cathraiche SHAMED, Aonghas Macleòid, gun robhas toilichte leis a' bheachd a fhuair iad air ais bho Stòras Uibhist.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt cathraiche an Stòrais, Aonghas Mac Ille Mhaoil, gu bheil iadsan gu tur an aghaidh na sgeama, 's gu bheil iad air tagradh a chur chun an Riaghaltais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile