Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Geàrrloch

Tha Maoir-chladaich agus bàtaichean-teasairginn a-muigh ann an Geàrr-loch a' sireadh fireannaich a tha a dhìth an dèidh do chanù a dhol thairis feasgar an-dè. Chaidh dithis bhalach bheaga a bha sa chanù a mharbhadh. Cha robh iad ach trì bliadhna, agus còig bliadhna de dh'aois. Chaidh nighean, còig bliadhna de dh'aois a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu, far a bheil i ann an suidheachadh ìosail. Fhuair fireannach eile, agus nighean a bha ochd, air snàmh gu tìr.

Diane Mhoireasdan

Tha luaidh ga dhèanamh air Facebook agus air Twitter air a' chraoladair òg Ghàidhlig Diane Mhoireasdan, a chaochail an-raoir. Bha Diane aithnichte air BBC ALBA agus Rèidio nan Gàidheal mar thè-lìbhrigidh. Cha robh i ach anns na ficheadan. Bha i ùine a' lìbhrigeadh a' phrògraim Dè Tha Dol? air BBC ALBA, agus a' nochdadh air grunn phrògraman rèidio.

Call Chumhachd

Bu chòir an aon chòir a bhith aig daoine air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan air airgead-dìolaidh nuair a thèid an dealan dheth, 's a th' aig daoine anns a' chòrr den dùthaich, a rèir comataidh Phàrlamaid. Tha moladh ann an aithisg bho Chomataidh Thaghte Chùisean na h-Alba an Taigh nan Cumantan. Tha iad ag ràdh gu bheil na mìltean dhaoine nach eil a' faighinn an airgid air a bheil iad airidh.

Loidhne-rèile an Taobh Siar

Tha ìmpidh ga cur air Riaghaltas Bhreatainn gun an ainm a chur fhathast ris a' chùmhnant a chaidh aontachadh le FirstGroup, airson prìomh loidhne-rèile an taobh siar eadar Alba is Sasainn a ruith. Tha am Pàrtaidh Làbarach, agus ceannard Virgin, Sir Riseard Branson, a chaill an cùmhnant, ag iarraidh dàil ach am faigheadh a' Phàrlamaid cothrom air a' chùis a rannsachadh.

Afganastan

Dh'fhàg oifigich Afganach air na Taliban gun do chuir iad na cinn far 17 duine - dithis bhoireannach nam measg. Thuirt aon riaghladair sgìre gun deach ionnsaigh a thoirt oirre airson a dhol gu pàrtaidh. Ach tha oifigeach eile air a dhol às àicheadh sin.

Bùth a' Chlò Mhòir

Tha bùth ùr airson a' Chlò Mhòir air fosgladh ann an Steòrnabhagh. Tha i leis a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall, a tha a' ruith Muilleann Shiaboist. Chaidh a stèidheachadh air a' Mhol a Tuath, far an robh seann bhùth bhròg a' Bhaltic fad bhliadhnaichean, 's a bha na bùth fhlùraichean mu dheireadh.

Afraga a Deas

Bha troimhe-chèile as ùr aig mèin phlatinum ann an Afraga a Deas far an do mharbh poilis 34 mèinnearan na bu tràithe den mhìos. Tha e air aithris gu bheil mèinnearan a th' air stailc a' bagairt air dràibhearan bhusaichean a bha a' toirt dhaoine a dh'obair.