Dithis bhalach agus nigheann marbh às dèidh tubaiste sa mhuir

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh, Eoghainn Peutan, Eoghainn òg, agus Jamie

Tha dithis bhalach, còig agus dà bhliadhna a dh'aois, agus nighean a bha còig air bàsachadh san ospadal às dèidh mar a chuir canù san robh iad car dhith aig beul a' Gheàrrloch ann an Ros an Iar.

B' iad Eòghann agus Jamie Peutan, agus Gracie NicAoidh.

Bha sianar sa bhàta nuair a chuir i car dhith anns a' Chaolas Bheag, eadar Sannda Mhòr agus Eilean Longa feasgar na Sàbaid.

Shnàmh fear agus nighean aois ochd bliadhna, chun a' chladaich, agus chuir iadsan fios air na Maoir-Chladaich.

Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh, 's chaidh lorg fhaighinn air an dithis bhalach.

Bhàsaich Gracie NicAoidh ann an Ospadal Yorkhill ann an Glaschu feasgar Diluain.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus bàtaichean teasairginn bho Phort Rìgh, Geàrrloch agus Loch Iù an sàs anns an iomairt.

Cha deach lorg fhaighinn fhathast air corp athair an dithis bhalaich - Eoghainn Friseal Peutan a bha 32.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh