Dàil air Bun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Chuir comhairlichean Gàidhealach dàil air a bhith a' dèanamh co-dhùnaidh mu càite am bu chòir do Bhun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain a bhith air a togail.

Bha oifigearan ag iarraidh a stèidheachadh air Rathad Àird Dhobhair sa Chaol.

Ach ann am bhòt gu math faisg roghnaich Comataidh Sheirbheisean Inbheach agus Cloinne dàil a chur air a' chùis gus an tèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air làrach a' Bhlàir Mhòir.

Tha barrachd phàrantan airson gun tèid an sgoil a stèidheachadh ann an sin, ach chan eil an talamh ann an sin cho freagarrach son obair togail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile