Spadadh gheadh gus tòiseachadh as t-Fhoghair

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha dragh mòr ann mun bhuaidh a tha na h-eòin a' toirt air àiteachas san sgìre.

Tòisichidh sgeama as t-Fhoghar gus na tha de gheòidh ann an Uibhist a lùghdachadh.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba airgead a thoirt do sgeama a mhaireas trì bliadhna.

Thathas an dòchas nach bi ach 4,000 geadh air fhàgail ann an Uibhist aig deireadh a' ghnothaich.

Tha gearainean air a bhith a' fàs mun bhuaidh a tha na h-eòin a' toirt air talamh àitich ann an iomadh àite.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh