Co-chomhairleachadh Gàidhlig ChNES

Prìomh oifis Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha am plana ag amas air àite na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan nan Eilean a neartachadh

Thig co-chomhairleachadh poblach Chomhairle nan Eilean Siar mun phlana Gàidhlig aca gu crìch Diluain.

Bha an co-chomhairleachadh a' ruith fad sia seachdainnean, agus bha cothrom aig buidhnean poblach, feadhainn a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig agus am poball anns an fharsaingeachd am beachdan a thoirt seachad.

Tha am plana ag amas air àite na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan nan Eilean Siar a neartachadh, agus thathas a' sireadh bheachdan air mar as fheàrr sin a dhèanamh.

Sgoil Ghàidhlig?

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle, an Comh. John A. MacÌomhair, nach eil e a' smaoineachadh gur e sgoil Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh anns na h-Eileanan an t-slighe air adhart.

B' fheàrr leis-san, thuirt e, gum biodh Gàidhlig ri faighinn anns a h-uile sgoil, seach aon sgoil Ghàidhlig a bhith ann.

"Tha a' Chomhairle air beachdachadh air an seo mar-thà agus dh'aontaich iad nach robh iad a' smaoineachadh gur e rud a th' ann a dh'obraicheas ann an àitean ionadail."

"'S e an t-eagal a bhiodh orm fhìn, 's e gum bi pàrantan airson an cuid chloinne a chuir chun na sgoile as fhaisge orra fhèin agus nam biodh sgoil Ghàidhlig a-mhàin anns na h-Eileanan chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh uiread de phàrantan deònach an clann a chuir ann", thuirt e.

Tha am plana cuideachd ag amas air Gàidhlig a dhèanamh co-ionnan ri Beurla ann an obair làitheil na Comhairle gus am bi roghainn aig a' phoball dè an cànan a chleachdas iad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile