Àrd-Sgoil ùr MhicNeacail air a dùnadh tràth

Carbad-smàlaidh
Image caption Dh'fhosgail an sgoil ùr a dorsan do sgoilearan Diardaoin.

Chaidh sgoil ùr MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a dhùnadh tràth Dihaoine às dèidh mar a chaidh stuth-ceimigeach a dhortadh ann an tè de dh'obair-lannan na sgoile.

Dh'fhosgail an sgoil, a chosg £29m, a dorsan gu sgoilearan airson a' chiad turas Diardaoin an t-seachdain seo.

Nochd trì charbadan-smàlaidh aig an sgoil às dèidh mar a chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach ri linn an dortaidh.

Chan eil fhios dè an stuth-ceimigeach a chaidh a dhortadh, ach chaidh an sgoil à dhùnadh aig 2:00f, 's chaidh busaichean a chur air dòigh airson clann a thilleadh dhachaigh.