Adhartas air cosgaisean-lìbhrigidh

Parsail
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil tuilleadh chompanaidhean eadar-lìn a' cùr as dha na cosgaisean-lìbhrigidh a bharrachd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' soirbheachadh nan iomairt an aghaidh nan cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd a tha cuid de chompanaidhean eadar-lìn a' cur air muinntir na sgìre.

Chuala Comataidh Sheirbheisean TEC na Comhairle Diardaoin mun oidhirp cur às dha na cosgaisean a bharrachd son pharsailean is an leithid, a chuireas cuid de chompanaidhean air daoine ann an sgìrean dùthchail.

Chaidh innse dhan chomataidh gu bheil a' chompanaidh mhòr eadar-lìn Dabs.com a' dol a sguir de chosgaisean a bharrachd son na Gàidhealtachd is nan Eilean, is Èireann a Tuath.

Cuideachd, chualas gun do chuir eBay ceart uireasbhaidh san t-siostam acasan a bha a' comharrachadh cuid de chòdan-puist air Tìr-Mòr mar sheòlaidhean eileanach.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil còrr is 20 companaidh uile gu lèir a-nise air na poileasaidhan aca air cosgaisean-lìbhrigidh atharrachadh, bho thòisich an iomairt.