Comhairleachadh a' Phobaill sa Ghàidhlig

Tè a' bruidhinn air a' fòn
Image caption Bidh an t-seirbheis stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Tha Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill a' dol a leudachadh na seirbheis aca gus am bi an loidhne-fòn ri faotainn tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha ionad-fòn na buidhne stèidhichte ann an Steòrnabhagh, ach a' frithealadh na h-Alba air fad.

Tha iad an-dràsta a' sireadh Ghàidheal a bhios deònach a dhol a dh'obair còmhla riutha gu saor-thoileach.

"An t-seirbheis a tha sinn a' cur air adhart, 's ann airson comhairle a thoirt dha daoine air cuspairean mar fhiachan, cùmhnantan obrach, sochairean sòisealta, agus cuspairean eile a bheir buaidh air teaghlaichean," thuirt Dòmhnall Mac a' Ghobhainn, bhon bhuidhinn.

Loidhne Shònraichte

"Tha sinn a' lorg luchd-obrach saor-thoileach an-dràsta a bhiodh deònach an obair a dhèanamh, agus gheibheadh iad làn-thrèanadh airson an obair a dhèanamh.

"Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a thoirt dhuinn airson 30 duine a thrèanadh airson na h-obrach, 's bidh sia seachdainnean trèanaidh aig daoine ri ghabhail.

"Tha oifis eile aca ann an Glaschu a tha a' dèanamh seo anns a' Bheurla, agus tha an t-uabhas dhaoine saor-thoileach ag obair a-staigh an sin.

"Bidh iad ag obair dìreach dhà no thrì uairean anns an t-seachdain mar a b'urrainn dhaibh a dhèanamh.

"Chan fheum an t-uabhas fiosrachaidh a bhith aig duine airson seo - bidh an trèanadh ann airson sin.

"Agus tha am fiosrachadh gu lèir air a' choimpiutair cuideachd ag innse dhaibh dè bhios iad ag ràdh ris na daoine mu na trioblaidean a th' aca, samhail fiachan, bidh rud aca ag innse dhaibh dè 's urrainn dha na daoine sin a dhèanamh airson na fiachan a thoirt sìos agus rudan mar sin.

"Tha a' bhuidheann airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh san sgìre agus air feadh Alba gu lèir.

"Tha an t-seirbheis gu bhith ri faotainn air feadh Alba gu lèir bho Shealtainn gu na Crìochan.

"Bidh loidhne a dh'aona-ghnothaich ann airson na Gàidhlig. Tha e aca shìos anns a' Chuimrigh 's loidhne shònraichte aca airson na Cuimris cuideachd," thuirt e.

Agus ma tha ùidh sam bith aig duine san obair faodar fios a chur gu Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill air 01851 708 425.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile