Cuairt Dheireannach Dennis the Menace

Cupa MhicAmhlaidh
Image caption Chaidh Cupa MhicAmhlaidh air adhart son a' chiad turais an 1947. Taing do stòras Uisdean MhicIllinneinn is Dhòmhnaill MhicAoidh airson an deilbh seo.

'S e Camanachd an Òbain an aghaidh Ghlinn Urchadain an geama mòr san iomain aig an deireadh-sheachdain is Cuairt Dheireannach Chupa MhicAmhlaidh a' dol air adhart aig Pàirce Mossfield.

Tha fios nach robh duine an dùil aig toiseach an t-seusain gur iad na sgiobaidhean seo a bhiodh sa chuairt dheireannaich - agus le geansaidhean dubh is dearg aig an dà thaobh tha feadhainn air Cuairt Dheireannach Dennis the Menace a ghabhail air a' gheama.

Cha bhi sgeul air comadaidh no Dennis ge-tà, nuair a thòiseachas an gnothach Disathairne, is Camanachd an Òbain agus Gleann Urchadain le chèile a' faicinn seo mar chothrom air leth - agus tearc - air tè de na duaisean mòra a bhuannachadh.

Adhartas

Tha sgioba Druim na Drochaid air adhartas a dhèanamh thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh is iad a' ruighinn na Prìomh Lìge agus gan stèidheachadh gu comhfhurtail aig an ìre sin.

Thàinig iad glè fhaisg air Cuairt Dheireannach Chupa MhicThàmais am bliadhna - a' call air slaicean-peanais an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh san iar-chuairt dheireannaich.

'S e duais mhòr a bhuannachadh an ath-cheum agus bhiodh faireachdainn ann, nam b' urrainn dhaibh aon fharpais a ghlèidheadh, gum biodh a' mhisneachd aca barrachd a bhuannachadh.

'S e là mòr a bhios ann do sgioba an Òbain cuideachd.

Buille

'S e buile cruaidh a bh' ann dhaibh àite sa Phrìomh Lìog a chall an-uiridh, ach le dìreach 2 phuing a dhìth às na 3 geamaichean mu dheireadh aca ann an Lìog Deas 1, tha e cha-mhòr cinnteach gun till iad air ais dhan ìre as àirde.

Tha coltas ann cuideachd gu bheil iad air na trioblaidean a bh' aca a thaobh fèin-smachd am measg chluicheadaran - is grunnan chàirtean dearga gan toirt dhaibh - a chur air an cùlaibh.

Choisinn iad àite sa chuairt dheireannaich seo cuideachd le bhith a' buannachadh 4-3 an aghaidh Inbhir Aora.

Tha iad rim moladh airson sin - oir aig an ìre seo 's e Camanachd an Òbain an aon sgioba a tha air a' chùis a dhèanamh air Inbhir Aora am bliadhna ann an geama chupa.

Làmh an uachdair

Bidh cuid an dùil gur ann le Gleann Urchadain bhon Phrìomh Lìog a bhios làmh an uachdair, ach chan eil coltas ann gum bi dad mòr sam bith eadar na sgiobaidhean seo.

Tha Camanachd an Òbain air Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh 5 tursan cheana, an turas mu dheireadh ann an 1995.

'S ann a tha Gleann Urchadain ag amas air a thogail son a' chiad uair.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal Disathairne bho 14:00, is thèid a chraoladh cuideachd air BBC2 Scotland bho 14:15.

Lìog

Sa Phrìomh Lìog Disathairne thèid Cill Mhàilidh gu Bail' Ùr an t-Slèibh is fios aca gum feum iad 2 phuing ma tha cothrom idir gu bhith aca fuireach an àird - fìor dhùbhlan agus cruaidh fheum aig a' Bhail' Ùr air na puingean cuideachd son tilleadh gu bàrr na lìge.

Tha Ceann Loch Seile aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich agus ma gheibh iadsan puing bidh Cill Mhàilidh sìos - às bith dè nì iadsan an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Sa gheama eile cluichidh an Gearasdan an aghaidh Inbhir Aora.

Tha cuairt dheireannach eile ann cuideachd - is na dàrna sgiobaidhean aig a' Mhanachainn agus Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' farpais son Chupa Shrath Èireann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile