Sgrùdadh air an A9

Oifigear-Poilis le gunna-astair
Image caption Bithear ag amas air dràibhearan cunnartach gu sònraichte.

Tha dràibhrean air an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis gu bhith air an sgrùdadh ann an iomairt ùr gus àireamh thubaistean air an rathad a lùghdachadh eadar seo agus deireadh na mìos.

Bidh oifigearean a' cur stad air dràibhrean a tha ri cleachdaidhean cunnartach.

Chaidh an A9 a chomharrachadh mar an rathad is cunnartaiche san dùthaich le timcheall air 200 tubaist gach bliadhna.

Tha an Lùnastal gu h-àraid dona le barrachd charbaidean air an rathad agus àrdachadh san àireimh thubaistean ri linn.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath agus poilis Taobh Tatha gu bhith a' sgrùdadh an rathaid eadar Peairt agus prìomh bhaile na Gàidhealtachd ann an carbaidean agus bhanaichean chamera.

'S e gu h-àraid daoine a tha ri dràibheadh cunnartach, a' dràibheadh ro luath agus a' cleachdadh fònaichean-làimhe, a bhios na poilis a' feuchainn ri ghlacadh.

Tha na poilis ag ràdh nam biodh daoine a' cumail ris na riaghailtean gun gabhadh a' mhòr-chuid de thubaistean a sheachnadh.

Ach tha luchd-iomairt den bharail gur e an rathad fhèin is coireach air sgàth 's mar a tha an t-slighe ag atharrachadh air ais 's air adhart bho bhith na rathad singilte gu bhith na rathad dà-fhillte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile