"Feumaidh sinn obair air an Rest"

Rathad an A83 Image copyright Transerv
Image caption Chaidh an rathad a dhùnadh a-rithist aig toiseach na mìos.

Tha suidheachadh rathad an A83 an Earra-Ghàidheal fon phrosbaig a-rithist is buidheann-ghnìomha air coinneachadh son a' chiad uair.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba a' bhuidheann agus maoimtean-slèibhe air an A83 a dhùnadh aig an Rest and Be Thankful còig tursan ann an còig bliadhna.

B'e Ministear na Còmhdail, Cè Brown, a bha os cionn na coinneimh san Àrchar agus riochdairean ann cuideachd bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, companaidhean bathair, roinn na tùrasachd agus oifigearan bho Transerv.

Bha cuideachd an Comh. Dùgaidh Philand bhon bhuidhinn strì Argyll First.

A rèir Rùnaire a' Chabineit son Bun-Structair, Ailig Neil, a dh'iarr gun rachadh buidheann-ghnìomha a stèidheachadh, 's e am prìomh amasan sùil a chumail air obair son slighe èiginn a chruthachadh aig an Rest and Be Thankful, agus a bhith os cionn oidhirp gus fuasgladh maireannach a lorg dhan t-suidheachadh.

Bunaiteach

Ach a rèir fhir de chomhairlichean Earra-Ghàidheal, Robin Currie, tha an rathad seo cho bunaiteach agus gum feumar airgead a lorg sa bhad son fuasgladh.

"Tha fiughar orm nach bi iad a' cainnt tuilleadh is fada - feumaidh sinn obair air an Rest."

"Tha e a-nise dùinte tuileadh is bitheanta," thuirt e.

Chan eil e follaiseach aig an ìre seo dè am fuasgladh maireannach a bhiodh ann, dè chosgadh e agus cò às a thigeadh airgead, gu h-àraidh aig àm nuair a tha an sporan poblach car gann.

Thuirt an Comh. Currie ge-tà nach eil sin na leisgeul.

Airgead

"Tha mise a' smaoineachadh gum feum airgead a bhith ann."

"S e seo an aon rathad a-staigh gu Meadhan Earra-Ghàidheal, Cinn Tìre agus na h-eileanan agus feumaidh iad airgead fhaotainn."

"Chan eil fios agam cò às - ach feumaidh iad airgead fhaotainn, an obair a dhèanamh agus an rathad a bhith fosgailte daonnan," thuirt e.

Tha Mgr Currie ag ràdh cuideachd nach biodh an suidheachadh seo air èirigh ach ann an sgìre dhùthchail.

"Nan robh seo air tachairt meadhan na h-Alba, faisg air Glaschu no Dùn Èideann, bhiodh obair air a dhèanamh sa mhionaid - feumaidh iad an aon rud a dhèanadh an seo," thuirt e.