Dàil ann am poileasaidh chòmhdhail chloinne sna h-Eileanan

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Gheibhear còmhdhail an asgaidh ma tha clann a' fuireach nas fhaide na dà mhìle bhon sgoile aca an-dràsta.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cuir dàil sa phoileasaidh ùr aca mu chòmhdhail chloinn-sgoile, an dèidh ghearainean bho phàrantan.

Fon phoileasaidh ùr, dh'fheumadh cuid de phàrantan pàigheadh airson an cuid chloinne a chur air bus na sgoile, agus 's ann o chionn là no dhà a chaidh innse dhaibh.

Bha phàrantan an dùil fianais a thogail taobh a-muigh prìomh oifisean na Comhairle Diciadaoin, 's iad a' cur an aghaidh an atharrachaidh.

Ach, thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gun robh e iomchaidh barrachd ùine a thoirt do phàrantan, ullachadh a dhèanamh airson an t-siostaim chòmhdhail ùir.

"Ged a tha mi làidir den bheachd gur e an t-slighe air adhart a tha sa phoileasaidh seo, tha mi a' gabhail ris gum bu chòir ùine a bharrachd a bhith aig pàrantan planaichean a dhèanamh son an t-siostam ùir".

"Tha pàrantan air draghan reusanta a thogail - agus tha e iomchaidh gun èist sinn ri na draghan sin"

"Tha sinn air aontachadh nach tèid na h-atharraichean a chur an sàs gu às deidh nan laithean-saora san Damhair".

"Bidh sinn a' moladh aig an ath-choinneimh de Chomataidh an Fhoghlaim gum pàigh sinn son an status quo eadar seo is na laithean-saora", thuirt e.

An-dràsta, gheibhear còmhdhail an asgaidh ma tha pàiste a' fuireach nas fhaide na trì mìle bhon sgoil aca.

Fo na molaidhean a bh' ann ge-tà, dheadh sin a ghearradh gu dà mhìle, le cosgais a' tighinn air cuid de phàrantan a fhuair a' chòmhdhail an asgaidh roimhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo