Rabhadh mu fònaichean-iùil
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis a' toirt rabhaidh do luchd-coiseachd nam beann gun a bhith a' cur earbsa ann am fònaichean-làimhe mar innealan-iùil.
Chaidh 14 duine a thoirt gu sàbhailte oidhche Luain, agus iad air a dhol air iomrall anns a' Mhonadh Ruadh.
B'e an ceathramh turas ann an ceithir oidhcheanan a b'fheudar cobhair a dhèanamh air feadhainn a bha a' cleachdadh fònaichean-coimpiutaireach airson obair-iùil.
Chaidh a' bhuidheann a ghlacadh ann an ceò air Beinn MacDuibh - an dàrna bèinn as àirde ann am Breatainn.
Chuir iad brath air na sgiobannan teasairginn leis na fònaichean-làimhe aca.
Fhreagair Poilis Roinn a' Mhonaidh, agus sgiobannan teasairginn Bràigh Mhàrr agus Obar Dheathain an gairm, a thuilleadh air heileacoptair bho HMS Gannet.
Chaidh a' bhuidheann a stiùireadh gu sàbhailte far na beinn air chois.
Ach tha Poilis Roinn a' Mhonaidh ag ràdh, ged a tha àite aig teicneòlas ann a bhith a' cuideachadh le obair-iùil agus a bhith a' gairm airson cobhair, chan eil e freagarrach air talamh creagach nam beann, no ann an droch aimsir.
Tha iad a' toirt rabhaidh do luchd-coiseachd gur ann orrasan a tha an t-uallach na sgillean agus an uidheamachd cheart a bhith aca, agus iad anns na beanntan.