Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

13 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tia Sharp

Chumar an duine, a tha fo chasaid gun do mhurt e Tia Sharp, 12, an grèim an-dèidh dha nochdadh air beulaibh màighstearan lagha ann an Lunnain tro cheangal bhideo. Tha Stuart Hazell a' fuireach san aon thaigh còmhla seanmhair Tia, ann an New Addinton, faisg air Croydon.

Geamaichean Oilimpigeach

Tha na mìltean luth-chleasaichean air tòiseachadh a' dèanamh an slighe dhachaigh an-dèidh dha na geamaichean Oilimpigeach ann an Lunnainn a thighinn gu ceann. Thuirt BAA gu bheil dùil acasan ri àrdachadh de 40% ann an luchd-siubhail sna puirt-adhair acasan. Chruthaich iad terminal eadar-amail ann an Heathrow airson dèiligeadh ri na h-àireamhan mòra.

G4S

Bheir a' chompanaidh thèarainnteachd, G4S, tabhartas de £2.5m do stòrasan sochair aig na Feachdan Armaichte. Thàinig air faisg air còig mìle neach bho na fheachdan a dhol gu na Geamaichean Oilimpigeach, an dèidh dha faileachadh air a' chompanaidhean luchd-obrach gu leòr fhastadh.

Stailc

Tha luchd-obrach ionadan Job Centre, a tha a' dèiligeadh ri iarrtasan socharain ann an Alba air stailc, 's iad mì-thoilichte mu chùmhnantan-obrach. Tha luchd-obrach aig ionadan ann an Dun Dè, Glaschu agus Pàislig am measg an sia mìle ball de dh'Aonadh nan Seirbheisean Poblach agus Coimearsalta air feadh na Rìoghachd Aonaichte a tha air stailc. Tha an t-aonadh a' gearrain mu ghearraidhean san àireamh de luchd-obrach agus ag ràdh gu bheil cus aire ga thoirt do chultar thargaidean.

Tubaist

Chaidh boireannach aois 35 às Inbhir Nis a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an A82. Thachair an tubaist le dà chàr tràth madainn an-dè. Bhàsaich Clàre NicDhòmhnaill aig làrach na tubaist. Chaidh a cèile, a bha sa chàr còmhla rithe a thoirt a dh' Ospadal a Rathaig Mhòir. Cha deach dràibhear a' chàir eile a ghoirteach. Bha an rathad dùinte son grunn uairean a thìde. Chuir na poilis ìmpidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol thuca.

Eaconamaidh

Thuirt eòlaiche ionmhais gur e glè bheag a dh'fhàs a bhios ann an eaconamaidh na h-Alba, ma bhios fàs ann idir, son a' chòrr dhèn bhliadhna. Tha àrd-fhear-eaconamach Banca na h-Alba, Dòmhnall MacRath, ag ràdh gum bi dùbhlan ro ghnothachasan san treas chairteal dhen bhliadhna.

Gràin-creideimh

Thugar fireannach, 18, an grèim fo amharas gu robh e a' seinn òrain gràin creideimh aig a' gheama eadar Ceann Phàdraig agus Rangers Disathairne. Tha na poilis cuideachd a' rannsachadh mar a chaidh lasan a chur thuige aige a' gheama - aig taobh Rangers dhèn phàirc. B'e a chiad gheama aig Rangers san treas roinn. Chrìochaich e 2-2.