County fhathast gun chall

Obar Dheathain is Ross County Image copyright SNS
Image caption Bha 14,000 an làthair aig Pittodrie son a' gheama eadar na Dons is na Staggies.

Thèid Ross County a-steach dhan gheama mhòr aca an aghaidh Celtic Disathairne seo tighinn is iad fhathast gun gheama lìge a chall bhon Lùnastal an-uiridh.

Thog County an dàrna puing aca san SPL Disathairne is iad a' cumail Obar Dheathain aig 0-0 aig Pittodrie.

Tha sin cuideachd a' ciallachadh nach do chuir County tadhal fhathast sa Phrìomh Lìog, ach a dh'aindeoin sin bidh am manaidsear, Derek Adams, gu math riaraichte leis mar a tha an sgioba aige air tòiseachadh.

Tha na nàbaidhaidhean aca Caley Thistle Inbhir Nis cuideachd air 2 phuing às dèidh 2 gheama.

Bha Caley air thoiseach tràth an aghaidh Cille Mheàrnaig aig an deireadh-sheachdain, Anndra Shinne le tadhal às dèidh 8 mionaidean.

Chaill Killie cothrom air leth nuair a shàbhail Ryan Esson breab-peanais bho Danny Racchi, ach fhuair iad air ais gu co-ionnanachd dìreach ro leathach-slighe, an tadhal a' tighinn bho Mhanuel Pascali.

Chaidh sgioba Inbhir Nis sìos gu deichnear nuair a chaidh càirt dhearg a thoirt do Owain Tudur Jones, ach chaidh iad faisg air a' gheama a bhuannachadh co-dhiù, Cammy Bell eadar na puist son Killie a' sàbhaladh oidhirp bho Nick Ross.

Thèid Caley gu Tynecastle Disathairne ag amas air a' chiad trì phuingean aca den t-seusan.