Urras na Pàirce ag iarraidh conaltraidh

Oighreachd na Pàirce
Image caption Tha an t-Urras air a bhith a' feuchainn ris an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Thuirt Urras na Pàirce ann an Leòdhas nach do dh'innis a' chompanaidh Scottish and Southern Energy (SSE) dhaibh ro làimh gun robh iad airson tarraing a-mach à bhith a' togail tuath-gaoithe san sgìre.

Tha iad ag iarraidh soillearachadh fhaighinn air an t-suidheachadh, agus mar a bhuaileas sin air a' choimhearsnachd.

Choinnich an t-Urras oidhche Ardaoin gus an naidheachd a dheasbad.

Tharraing a' chompanaidh a-mach às an tuath-ghaoithe, anns am biodh 26 crann, an t-seachdain seo, ri linn draghan mun bhuaidh a bhiodh aige air àrainneachd na sgìre.

Tha an t-Urras a' feuchainn ris an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Còirichean Leasachaidh

Ann am brath naidheachd, thuirt an t-Urras: "Cha do bhruidhinn SSE ri Urras na Pàirce mun cho-dhùnadh seo, no mu bhith a' toirt seachad na h-ùidhe a bh' aig SSE do luchd-leasachaidh ionadail, ged a dh'fhaodadh seo buaidh mhòr a thoirt air a' choimhearsnachd ionadail.

"Tha na thuirt SSE gu poblach na eisimpleir air eachdraidh an deich bliadhna mu dheireadh, fhad 's a bha co-dhùnaidhean a bheireadh buaidh air a' choimhearsnachd air an dèanamh os cionn muinntir an àite, leis an uachdaran agus buidhnean eile on taobh a-muigh.

"Chuireadh sinn an cèill uair eile am prìomh amas againn, mar a chaidh a dhaighneachadh uair is uair le baileatan sa choimhearsnachd - fearann Oighreachd na Pàirce, agus na còirichean leasachaidh a tha na cois, a cheannach às leth na coimhearsnachd.

"Ghabhadh seo tachairt tro na h-iarrtasan a tha sinn air a dhèanamh fo Earrainn 3 de dh'Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) a chaidh aontachadh le Riaghaltas na h-Alba sa Mhàirt 2011, no tro thabhartas saor-thoileach bhon uachdaran.

"Chan ann gus an tachair sin a gheibh ar coimhearsnachd cothrom air na h-uidhir de smachd fhaighinn air ar beatha, agus tòiseachadh air dèiligeadh ris na trioblaidean mòra sòisealta agus eaconamach a tha mu choinneimh sgìre na Pàirce.

"Tha sinn a-nis ag iarraidh soillearachaidh, san aithghearrachd, air na thachras a thaobh an tuath-ghaoithe dheth, agus mar a dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air na h-oidhirpean againn gus am fearann agus na còirichean leasachaidh a cheannach fo Earrainn 3, no rathad eile.

"Dh'iarradh sin gun deadh bruidhinn ris a' choimhearsnachd bho seo a-mach mun leithid de leasachaidhean.

"Cho luath 's a tha tuilleadh fiosrachaidh againn, tha sinn ag amas air coinneamh phoblach eile a ghairm gus beachdan coimhearsnachd na Pàirce a thomhais."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile