Coinneamh mu sheirbheisean Loganair

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha luchd-siubhail air a bhith a' gearain gur tric nach fhàg itealan a rèir a' chlàr-ama.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar coinneamh leis a' chompanaidh-adhair Loganair an dèidh ghearainnean nochdadh mun t-seirbheis adhair eadar tìr mor na h-Alba agus na h-Eileanan an Iar.

Tha luchd-siubhail air a bhith ag innse mu iomadach turas far an deach itealan air dheireadh air an uair, no gu math tric, a chur dheth buileach.

Tha iad a ràdh gu bheil a' chompanaidh Loganair gu tric a' coireachadh adhbharan teicnigeach 's gu bheil luchd-suibhail a' call an cuid cheangalaichean air feadh an t-saoghail.

Tha a' Chomhairle air coinneamh iarraidh airson soilleireachadh fhaighinn air na h-adhbharan air cùlaibh nan trioblaidean.

Cha d'fhuair am BBC freagairt fhathast bho Loganair air ceistean a chuireadh thuca mu phlèanaichean a bhith air an cur dheth no a bhith air dheireadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh