Dragh mu Ospadal an Rathaig Mhòir

Ospadal an Rathaig Mhòir Image copyright bbc
Image caption Thuirt an ospadal gun bheil iad a' cur an gnìomh mholaidhean na h-aithisg.

Feumaidh NHS na Gàidhealtachd Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis a ghlanadh san aithghearrachd, às dèidh aithisg a rinn càineadh air glainnead aig an ospadal.

Thuirt luchd-sgrùdaidh gun robh glainnead aig an ospadal "truagh."

Thadhail Buidheann-sgrùdaidh Àrainneachd a' Chùraim Shlàinte (HEI) air an ospadal gun rabhadh san Ògmhios.

Fhuair an aithisg aca gun robh naoi raointean far am feumte piseach a thoirt air gnothaichean gu luath, nam measg glanadh uardan a rèir ìrean coitcheann NHS na h-Alba.

Glainnead

Fhuair an aithisg cuideachd nach robh làn-uallach airson glanadh uardan air prìomh-nursaichean mar a bu chòir.

Cha robh cunbhalachd ann eadar diofar phàirtean den ospadal a thaobh a bhith a' cur smachd air sgapadh ghalairean, a rèir na h-aithisg.

Cha mhotha a bha conaltradh soilleir èifeachdach a' dol eadar sgioba smachdachaidh ghalairean an ospadail agus luchd-obrach eile.

"Fhuair sinn gu bheil NHS na Gàidhealtachd a' tighinn a rèir cuid de na h-inbhean a thaobh a bhith a' dìon euslainteach, luchd-obrach agus luchd-tadhail bho ghalairean," thuirt Àrd-Inspector an HEI, Susan Brimelow.

"Bha deagh thuigse air pròiseasan airson euslaintich air a bheil galairean aithnichte a sgaradh bho chàch, agus bhathas a' cur nam pròiseasan sin an gnìomh.

"Ach, fhuair sinn gun robh ìre ghlainneid nan uardan air an do rinn sinn sgrùdadh truagh, agus nach robh cunbhalachd ann a taobh inbhean smachdachaidh ghalairean," thuirt i.

Mhol an aithisg an ospadal ge-tà, airson mar a bha fiosrachadh ùr sgrùdaidh-ionmhais agus sgrùdaidh euslainteach ri fhaotainn gu furasta anns a' chuid as motha de na h-uardan air an deach sgrùdadh a dhèanamh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e briseadh-dùil a bh' anns an aithisg, ach gun robh iad a' cur mholaidhean na h-aithisg an gnìomh.

"Tha dragh mòr, gu nàdarra, air àrd-sgioba stiùiridh an ospadail mu na thogadh ann an aithisg an HEI, a tha a' sealltainn far a bheil cleachdaidhean an ospadail air tuiteam nas ìsle na an inbhe a dh'iarradh, agus cha ghabhar ri sin," thuirt Àrd-Nurs an ospadail, Una Lyon.

"Chaidh dèiligeadh ris na chaidh a thogail far an robh sin a dhìth, agus tha an sioba a' cur an sàs plana-gnìomha a dhèanamh cinnteach gun toirear piseach maireannach air gnothaichean," thuirt i.

Thuirt Stiùiriche Colaiste Rìoghail an Nursaidh ann an Alba, Theresa Fyffe:"'S iad an fheadhainn aig a' mhullach a stèidhicheas fonn agus cultar buidhne.

"'S fhada a tha sinne air a ràdh gun tug NHS na Gàidhealtachd a h-aire far ghnothaichean aig Ospadal an Rathaig Mhòir, airson atharrachaidhean structaireil mhòra, air nach eil feum nar beachd-ne, a thaobh a bhith a' co-shnìomh cùraim shlàinte agus shòisealta.

"Feumar na molaidhean air fad san aithisg seo a chur an gnìomh gu h-iomlan," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile