SSE a' tarraing a-mach à tuath-gaoithe na Pàirce

Crann-gaoithe
Image caption Bha 26 crainn-ghaoithe gu bhith anns an sgeama.

Tha a' chompanaidh Scottish and Southern Energy (SSE) air tarraing a-mach à planaichean airson tuath-gaoithe a thogail air Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas.

Bha 26 crainn-ghaoithe gu bhith anns an leasachadh, a chruthaicheadh 94 Megawatt de dhealan.

Ach às dèidh mheasaidhean àrainneachail, agus chòmhraidhean ri luchd-earrainn, cho-dhùin a' chompanaidh nach e làrach freagarrach a th' ann airson leasachadh cho mòr sin, gu h-àraid a thaobh a' chunnairt a th' ann do dh'eòin.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil cothrom ann airson tuath-gaoithe nas bige a leasachadh air an làraich, ach nach eil ùidh acasan anns an leithid.

Thathas a' tuigsinn gu bheil còmhraidhean a' dol le luchd-leasachaidh ionadail airson an ùidh a th' aig a' chompanaidh sa phròiseact a ghabhail os làimh.

Chuir Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) fàilte air an naidheachd, ag ràdh gun robh an sgeama air a bhith na chunnart do dh'eòin leithid iolairean buidhe, iolairean mara, seabhagan gorma an fhraoich, eanagan agus gillean-feadaig.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile