Obair eile do Ghàradh Àranais

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha dùil gum bi còrr is 100 duine ag obair aig Gàradh Àranais a dh'aithghearr.

Tha a' chompanaidh BiFab air cùmhnant eile fhaighinn, luach £47m, airson obair togail do raon gas Cygnus ann an ceann a deas a' Chuain a Tuath.

Cruthaichidh seo mu 100 cosnadh ùr ann an gàraidhean togail Bifab ann am Fiofa.

Tha dùil gum faigh Gàradh Àranais ann an Leòdhas earrainn den obair, agus gun cùm seo mu 50 de luchd-obrach ann an cosnadh gu deireadh na h-ath bhliadhna.

Tha 25 ag obair sa ghàradh an-dràsta, agus tha dùil, le obair airson raon Solan a fhuair BiFab an t-seachdain seo chaidh, gun èirich sin gu 50.

Ach tha dòchas aig Gàradh Àranais gum faigh iad obair airson pòlaichean stàilinn do raon Solan a dh'fhaodadh àireamh an luchd-obrach àrdachadh gu còrr is 100.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh