Ionad Lifestyle ann an cunnart

Glainne leann
Image caption Bidh an t-ionad a' cuideachadh dhaoine aig a bheil trioblaidean dibhe agus dhrogaichean.

Tha ionad Lifestyle ann an Steòrnabhagh, a bhios a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean dibhe agus dhrogaichean, ann an staing ionmhais.

Tha e a' cosg £100,000 sa bhliadhna an t-seirbheis a ruith.

Ged a tha iad a' faighinn taic bho bhuidhnean poblach, tha coltas gu bheil an t-ionmhas aca còrr is £50,000 nas lugha na bha dùil, às dèidh dhuilgheadasan le iarrtas na bliadhna seo.

Tha iad an dòchas taic as ùr fhaighinn as t-Earrach às an roinn phoblaich, ach tha feum aca air airgead eile a lorg airson an cumail a dol chun an uair sin.

Cuideachadh

Thathas a-nis a' sireadh taic a' phobaill a leigeas leotha an goireas a chumail a' dol.

Thuirt labhraiche an ionaid, an t-Urr. Ùisdean Stiùbhart, gur e seirbheis gu math cudromach a th' ann dha muinntir nan Eilean Siar.

"Tha e a' toirt comas agus slighe - dol às - dhaibh-san a th' air an glacadh ach cuideachd dhan teaghlaichean agus dhan choimhearsnachd", thuirt e.

Tha cunnart ann, mura faigh iad na tha dhìth orra de dh'airgead, gum feumar an t-seirbheis a thathas a' toirt seachad a lùghdachadh, neo fiù 's a stad uile gu lèir.

"Tha sinn an dòchas nach tachair sin, agus 's e sin aon de na h-adhbharan a tha sinn a' cur a-mach an iarrtais seo aig an àm.

"Aon de na dòighean 's e gun urrainn dhan choimhearsnachd, aon air bith anns a' choimhearsnachd, ma tha iad airson cuideachadh a thoirt seachad, gun urrainn dhaibh fònadh gu ionad Lifestyle, agus an tìodhlag a tha iad airson a thoirt seachad a chur a-steach thuca.

"Ma gheibh sinn ionmhas eadar-amail tha sinn gu math dòchasach aig an ìre seo gum bi na buidhnean is àbhaist a bhith a' toirt dhuinn cuideachaidh, gun toir iad dhuinn cuideachadh an ath-bhliadhna," thuirt e.