Belladrum air tòiseachadh

Beverley Knight
Image caption Bidh Beverley Knight am measg na nochdas aig an fhèis.

Tha Fèis Chiùil Bhelladrum na bliadhna seo air tòiseachadh ann am Beul Ath an Droma, faisg air Manachainn MhicShimidh.

'S i seo an naoidheamh bliadhna den fhèis, a thàlas na mìltean dhaoine bho iomadh àite.

Bidh i a' ruith gu ruige oidhche Shathairne, le grunnan chòmhlan ciùil, agus taisbeanadh fasain air a bheil Ciao Bella.

Am measg na bhios a' nochdadh aig an fhèis tha Travis, na Wombats, Frightened Rabbit agus Beverley Knight.

Cuideachd a' nochdadh bidh na Ballachuilish Hellhounds, agus na Buzzcocks.

Chaidh a h-uile ticead a reic air a' mhìos a chaidh - an ceathramh bliadhna sreath a chèile a tha sin air tachairt.