Sgoil Dhabalroig deiseil

Sgoil Dhalabroig Image copyright cnes
Image caption Thòisich an obair air Sgoil Dhalabroig sa Chèitean 2011

Tha sgoil ùr eile anns na h-Eileanan Siar deiseil, dìreach 15 mìosan an dèidh dhan obair-togail tòiseachadh.

Bidh Bun-sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas, anns a bheil leabhar-lann coimhearsnachd, a' fosgladh ann am meadhan na mìos seo, nas lugha na bliadhna gu leth an dèidh dhith cead-dealbhachaidh fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Fosglaidh an sgoil ùr air 16mh an Lùnastal, aig toiseach na bliadhna sgoile ùire.

Maoineachadh

Ged nach robh Sgoil Dhalabroig na pàirt de phròiseact nan Sgoiltean Ùra o thùs, fhuair an sgoil maoineachadh bho Urras Bun-structair na h-Alba.

Agus dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar an sgoil a thoirt a-steach don phròiseact sa Mhàirt 2011.

'S iad a' chompanaidh FMP a rinn an obair togail, agus tha iadsan a-niste air an sgoil a thoirt seachad don chompanaidh mhanaidsearachd FES FM Eta.

Thòisich obair-togail air an làraich anns a' Chèitean 2011.

Tòisichidh an dàrna ìre de dh'obair meadhan an Lùnastail am bliadhna.

Fon ìre sin, cuirear crìoch air cumadh talmhainn a' phròiseict, thèid an t-seann sgoil a leagail, agus cuirear raon-parcaidh airson bhusaichean agus chàraichean na h-àite.

Tha dùil gum bi an obair sin deiseil san Dùbhlachd 2012.

Togar cuideachd pàirce bhuill-choise làn-mheud, a thèid a chrìochnachadh tràth an ath-bhliadhna, agus i air a maoineachadh bho Spòrs Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile